Sherrilyne Blakey-Smith & The Rankin Family Follow

Chi Mi Na Morbheanna - The Rankin Family lyrics

Refrain:
O Chi, chi mi na mor-bheannaibh;
O Chi, chi mi na cor-bheannaibh;
O Chi, chi mi na coireachan ---
Chi mi na sgoraibh fo cheò.

1. Chi mi gun dàil an t-àit' 's d' rugadh mi,
Cuirear orm fàilt' 's a' chainnt a thuigeas mi;
Gheibh mi ann aoidh a's gràdh 'n uair ruigeam
Nach reicinn air tunnachan òir.

2. Chi mi a' ghrian an liath nam flaitheanas,
Chi mi 's an iar a ciar 'n uair luidheas i;
Cha 'n ionnan 's mar tha i ghnàth 's a' bhaile so
'N deatach a' falach a glòir.

3. Gheibh mi ann ceòl bho eòin na Duthaige,
Ged a tha 'n t-àm thar àm na cuthaige,
Tha smeòraichean ann is annsa guth leam
Na pìob, no fiodhal mar cheòl.

4. Gheibh mi le lìontan iasgach sgadain ann,
Gheibh mi le iarraidh bric a's bradain ann;
Na'm faighinn mo mhiann 's ann ann a stadainn,
'S ann ann is fhaid' bhithinn beò.

5. Chi mi ann coilltean, chi mi ann doireachan,
Chi mi ann màghan bàn' is torraiche,
Chi mi na féidh air làr nan coireachan,
Falaicht' an trusgan do cheò.

6. Beanntaichean àrd' is àillidh leachdainnean,
Sluagh ann an còmhnuidh 's còire cleachdainnean,
'S aotram mo cheum a' leum g'am faicinn,
A's fanaidh mi tachdan le deòin.

7. Fàgaidh mi ùpraid, sùrd, a's glagaraich,
Dh'fhaicinn na tìr an cluinnt' a' chagaraich,
Fàgaidh mi cùirtean dùinte, salach,
A dh'amharc air gleannaibh nam bò.

8. Fàilt' air na gorm-mheallaibh, tholmach, thulachanach,
Fàilt' air na còrr-bheanna mòra, mullanach,
Fàilt' air na coilltean, fàilt' air na h-uile,
O! 's sona bhi 'fuireach 'n an còir.

Thanks to Alejandra Díaz for submitting the lyrics.
Correct these lyrics

Comments on Chi Mi Na Morbheanna - The Rankin Family

Submit your thoughts

These comments are owned by whoever posted them. This lyrics site is not responsible for them in any way.

© to the lyrics most likely owned by either the publisher () or
the artist(s) (Sherrilyne Blakey-Smith & The Rankin Family) which produced the music or artwork. Details



All Artists A-Z

Elsewhere



© might belong to the performers or owners of the songs. Lyrics may be used for private study, scholarship or academic research only.
In accordance to the Digital Millenium Copyright Act, publishers may ask to have specific lyrics removed.
This is a non-commercial site. We are not selling anything. Details
Lyricszoo content, design, layout © 2024 Lyricszoo.