The Browne Sisters & George Cavanaugh Follow

Fear A' Bhata lyrics

Ged a thathar ag ràdh gur h-e òran traidiseanta a tha an seo, chaidh a dhèanamh aig deireadh an 18mh linn deug le Sìne Fhionnlastan à Tunga ann an Leòdhas do dh' iasgaire òg, Dòmhnall MacRath ann an Ùige. 'S e nach aithrisear gu tric gun do phòs iad uaireigin an dèidh dhi an t-òran a dhèanamh.

Nochd an t-òran ann an The Scottish Gael le Seumas MacLagain, a thàinig a-mach an toiseach ann an 1876.

Tha an t-òran ga sheinn an seo le Fionnghal NicCoinnich a tha ag obair mar Òranaiche Màiri Mhòr nan Òran. Chaidh Obair an Òranaiche a stèidheachadh ann an 2002 gus ùidh ann an òrain Ghàidhlig a bhrosnachadh agus gus goireas a thoirt do dhaoine a bha ag iarraidh fiosrachaidh mu chàil sam bith ceangailte ri òrain Ghàidhlig.

'S e banaltram à Sgèabost an Eilein Sgitheanaich a bh' ann am Màiri Mhòr nan Òran (Màiri Nic a' Phearsain.) Rinn i tòrr òran an dèidh aois 50 anns a bheil òrain-mrich, òrain-mholaidh agus òrain shuigeartach a bharrachd air òrain a thog gearan mun dòigh san deach dèiligeadh ris na Gaidheil.

Seo faclan an òrain

Sèist
Fhir a' bhàta na ho ro èile
Fhir a' bhàta na ho ro èile
Fhir a' bhàta na ho ro eile
Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an tèid thu.

'S tric mi sealltainn on chnoc as àirde,
Dh'fheuch am faic mi fear a' bhàta,
An tig thu 'n an-diugh, no 'n tig thu màireach,
'S mur' tig thu idir gur truagh a tha mi.

Tha mo chridhe-sa briste, brùite
'S tric na deòir a' ruith om shùilean.
An tig thu 'n nochd, no 'm bi mo dhùil riut,
No 'n dùin mi 'n doras le osna thùrsaich?

'S tric mi foighneachd de luchd nam bàta
Am fac' iad thu no am bheil thu sàbhailt'?
'S ann a tha gach fear dhiubh 'g ràitinn
Gur gòrach mise, ma thug mi gràdh dhuit.

Tha Fiona NicCoinnich, neach-obrach Caidreachas Mairi Mhòr aig Comhairle na Gàidhealtachd, air leabhar ùr, 'Orain nan Rosach,' fhoillseachadh le 30 òran Gàidhlig à Siorrachd Rois. Seo a' chiad turas a bha a leithid seo de chruinneachadh ri fhaotainn. Tha fàradh-ciùil, teudan airson giotàr, eadar-theangachadh, notaichean mu na bàird agus dealbhan à Siorrachd Rois san leabhar. Bidh daoine eòlach air cuid dhe na h-òrain bho chèilidhean ach tha feadhainn eile ann air nach bi iad cho eòlach. Tha cuid dhiubh ùr agus cuid dhiubh sean. Bidh an leabhar seo air leth feumail do dhuine sam bith le ùidh ann an dualchas na Gàidhlig san sgìre

Fear A' Bhata Video

https://youtube.com/devicesupport: (video from YouTube)

Thanks to Rich Duke for submitting the lyrics.
Correct these lyrics

Comments on Fear A' Bhata

Submit your thoughts

These comments are owned by whoever posted them. This lyrics site is not responsible for them in any way.

© to the lyrics most likely owned by either the publisher () or
the artist(s) (The Browne Sisters & George Cavanaugh) which produced the music or artwork. Details



All Artists A-Z

Elsewhere



© might belong to the performers or owners of the songs. Lyrics may be used for private study, scholarship or academic research only.
In accordance to the Digital Millenium Copyright Act, publishers may ask to have specific lyrics removed.
This is a non-commercial site. We are not selling anything. Details
Lyricszoo content, design, layout © 2024 Lyricszoo.